English Gàidhlig

Mu Thasglann HDSG

Thòisich obair air Tasglann HDSG ann an 2015, is e na amas gum biodh gach clàradh a bha aig Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu ri fhaotainn air-loidhne. Thòisich Abi Lightbody air an obair le bhith a’ cur na clàraidhean an òrdugh, agus dh’obraich i an uairsin còmhla ri Leasaiche Siostaman Teicneòlas Fiosrachaidh DASG, Stephen Barrett, gus làrach-lìn a chruthachadh don tasglann. Thòisich Eilidh NicCarmaig air a’ phròiseact ann an 2018 gus taic a thoirt do leasachadh na làraich-lìn agus don obair tàr-sgrìobhaidh.

’S ann bho bhith a’ cruinneachadh dàta mar phàirt den phròiseact Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig a thàinig a’ mhòr-chuid de na clàraidhean, is chaidh clàraidhean eile a thoirt do Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean. Tha 140 uairean de chlàraidhean ri chluinntinn ann an Tasglann HDSG, clàraidhean a rinneadh le Aonghas Màrtainn ann an Earra-Ghàidheal agus clàraidhean a rinn A. J. Mac a’ Ghobhainn ann an Canada a-measg iomadh neach eile. Chaidh na clàraidhean a chur nan cruth didseiteach le Ionad Didsiteachaidh Uibhist às leth DASG, agus tha sinn nan comain airson an cuideachadh.

Tha sinn cuideachd gu mòr an comain na leanas: Tony Dilworth, Nancy Dorian, A. J. Mac a’ Ghobhainn, D. M. MacGuaire, Donnchadh MacLabhrainn, C. I. N. MacLeòid, Aonghas Màrtainn agus A’ Phiuthar Pheutanach airson an obair mhòr a rinn iad ann a bhith a’ cruinneachadh na clàraidhean gus an rachadh againn air an cur ris an tasglann.

Ma bhrùthas sibh air ‘Browse’, thèid agaibh air na clàraidhean a tha ri fhaotainn gu ruige seo fhaicinn. Ma bhrùthas sibh air fear dhiubh sin, thèid agaibh air èisteachd ris le fo-thiotalan nan cois, agus fiosrachadh mionaideach a’ chlàir fhaicinn fon chlàr-taice. Ma bhrùthas sibh air rudeigin anns a’ chlàr-taice, leumaidh e chun an rud sin (m.e., ma bhrùthas sibh air ‘Òran an Teine’ anns a’ chlàr-taice, leumaidh e chun an òrain sin).

Ma tha sibh a’ sireadh fiosrachadh sònraichte air cuspair, thèid agaibh air fiosraiche, neach-clàraidh, bliadhna, àite, seòrsa susbaint (m.e., òran) neo tiotal na susbaint (m.e., tiotal an òrain) a rùrachadh anns an tasglann fo ‘for a recording’. Ma tha sibh a’ sireadh fhaclan neo abairtean sònraichte, thèid agaibh air na tàr-sgrìobhaidhean a rùrachadh fo ‘for a transcription’. Faodaidh sibh an uair sin taghadh eadar a bhith ag èisteachd ris a’ chlàr (fo ‘Listen’) neo a bhith a’ leughadh nan tàr-sgrìobhaidh (fo ‘Read’).

Chaidh cead fhaotainn bhon fheadhainn a rinn na clàraidhean seo airson an cur suas air-loidhne gus an deidheadh aig a’ mhòr-shluagh am faotainn saor an-asgaidh. Tha DASG air an cur suas air an eadar-lìon air sgàth ’s gu bheil sinn gu làidir den bheachd gu bheil luach iongantach anns na clàraidhean seo agus gum bi iad a’ cur ri rannsachadh a’ chànain, cànanachas agus a h-eachdraidh. Tha sinn mothachail, ge-tà, gum bi fiosrachadh pearsanta uaireannan a’ nochdadh, neo gum bi stuth ann a tha drabastach neo cliù-mhillteach. Ma tha càil ann a tha buntainneach ribh fhèin air ar làrach-lìn ’s nach tug sibh seachad ur cead air a shon, neo ma tha càil ann a tha drabastach, cliù-mhillteach, neo a bhios a’ dol an aghaidh laghan prìobhaideachd ann an dòigh sam bith, cuiribh fios thugainn an-seo. Ma tha an t-iarrtas dligheach, bheir sinn an stuth far na làraich-lìn rè ùine gus an dèanar fuasgladh air a’ chùis.